
Oidhche Mhath Leibh
[Verse 1] Cha'n 'eil inneal ciùil a ghleusar, Dhùisgeas smuain mo chléibh gu aoibh Mar ni duan 'o bheòil nan caileag; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. [Chorus] Soiridh leibh 's oidhche mhath leibh Oidhche mhath leibh, beannachd leibh; Guidheam slàinte ghnàth bhi mar ruibh; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. [Verse 2] 'S guth gu 'm chridhe pong nan òran, Caidir sòlais òigridh 'seinn; Aiteal ciùin air làithean m'òige; Sonas a bhi'n còmhnuidh leibh. [Chorus] [Verse 3] Mathair uisge 'n tobair fhìoruisg', Cainnt ar sinnsir brìgh na loinn; 'S faochadh tlàth o ànradh m'inntinn, 'Nuair bheir rann na glinn a'm chuimhn', [Chorus] [Verse 4] Grian cha laidh an nochd air mìltean, Leis am binn a fuinn 's a roinn, 'S do'm bi'n sgeul 'na mhór thoil-inntinn Dh'innseas dhaibh gu'n robh sinn cruinn. [Chorus] [Verse 5] Astar cuain cha dean ar sgaradh, 'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt'; Gleidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd; Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. [Chorus] [Verse 6] Thuit ar crann air saoghal carach; 'S coma sud, tha 'mhaitheas leinn; "Bidh sinn béo an dòchas ra-mhath," Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. [Chorus] [Outro] [End]

No comments yet!
Be the first one to show your love for this song